Lorg/Klask/Rechercher/Sairch

samedi 21 janvier 2017

Gàidhlig bheartach #6

Cuireamaid am Beurla a-muigh!
Seo rudan a cluinnear gu math minig bho luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, ach chan eil iad ceart: 's e Beurlachas a th' ann, agus bhiodh e fada nas fhasa is fada nas fheàrr dòighean Gàidhlig a chleachdadh! Chaidh cuid dhiù air an tabhann ri Gàidhlig gun Bheurla (https://www.facebook.com/gunbheurla).

Gu math tric bidh am Beurla a' cleachdadh roimhearan ri gnìomhairean (find out, look out, look for, msaa.) ach cha bhi a' Ghàidhlig a' dèanamh sin cho minig. Ma tha sibh ag iarraidh rud a ràdh sa Ghàidhlig, smaoinichibh mu dheidhinn gu dè a bhios am Beurla a' ciallachadh mun socraich sibh a bhith ag eadar-theangachadh. "Tidy up your room". Chan e "sgioblaich suas do sheòmar" a th' ann. Carson "suas"? 'S e dòigh Beurla a th' ann. Anns a' Ghàidhlig, chan e ach "sgioblaich do sheòmar". "Sgrìobhaidh mi an àireamh sìos": carson "sìos"? Dòigh Beurla a-rithist. Bidh "sgrìobhaidh mi an àireamh" gu leòr.
Cha bhi a' Ghàidhlig dìreach Beurla ri faclan eadar-dhealaichte. 'S e cànan eile a th' ann, ri gràmmar eile is dòighean eile a bhith a' smaointeachadh. 'S mar sin, bithibh cùramach: nà bithibh a' cleachdadh "suas, sìos, a-mach, airson, msaa" mar an cleachdar anns a' Bheurla.

Seo a-nise:

Cha d'fhuair thu an cothrom.
Chaill thu an cothrom.
"You missed out".
(chan eil "dh'ionndrainn thu a-muigh", a bhiodh a' ciallachadh "dh'ionndrain thu [rud] dair a bha thu a-muigh")

Chì mi ceann greis thu!
Chì mi a dh'aithghearr thu!
"I'll see you in a while"
(agus chan eil "ann an greis")

Bidh mi an dùil ris.
"I'll be keeping an eye out for it"
(Bidh "cùmaidh mi sùil a-muigh air a shon" gu math sgreamhach! Bhiodh sin a' ciallachadh gun do chur sibh sùil, sùil fhìor, taobh a-muigh den taigh airson, "for the sake of", rudeigin. Mar sin: "Cùmaidh mi sùil a-muigh air son na Dèithe", i.e. "Bidh na Dèithe ag iarraidh càch sùil a chur taobh a-muigh den taigh". Pouah! B' e cleachdainn gu math annasach is neònach a bhiodh ann.)

Feumaidh mi feuchainn gu bheil e ceart.
"I must make sure that it's right"
(chan eil "feumaidh mi cinnt a dhèanamh" no rud gu tur mearachdach sa Ghàidhlig: "feumaidh mi a dhèanamh cinnteach")

Tha mi airson fios fhaighinn.
Feumaidh mi tuilleadh ionnsachadh mu dheidhinn seo.
"I want to find out"
"I must find out more about that"
(chan eil "tha mi airson faighinn amach". Cha bhi ciall ann a-muigh no a-mach anns a' Ghàidhlig.)


Glèidheamaid Gàidhlig Gàidhealach!

Aucun commentaire:

Enregistrer un commentaire