Lorg/Klask/Rechercher/Sairch

lundi 28 novembre 2016

Gàidhlig bheartach #3

Chan eil co-theacsa na Gàidhlig cho furasta a chionn 's gum bi Beurla na chiad cànan aig mòran duine. Ach chan eil mi a' tuigsinn dair nach eil luchd-ionnsachadh na Gàidhlig ag iarraidh oidhirp a dhèanamh air Gàidhlig mhath, bheartach a chleachdadh (agus tha seo a' tighinn bho chuideigin a bhios a' dèanamh meall mhearachdan!). An-dràsta is a-rithist, bidh trì dòighean airson rud a ràdh anns a' Ghàidhlig, ach bidh na daoine a' cleachdadh an dòigh Bheurla co-thiù. Carson?! Seo eisimpleir.

Bithear a' cluinntinn "Tha mi a' coimhead air adhart" (I'm looking forward). Dhà-rìribh? Tha fhios agam gum bi daoine fileanta ga chleachdadh, ach tha trì dòighean eile ga ràdh, dòighean dualach.

a bhith a' dèanamh sogan (cleachdainn an Eilein Sgìtheanaich)
a bhith a' dèanamh fiughair
a bhith ceud fadachd air

Mar eisimpleir:

Tha mi a' dèanamh sogan gur faicinn.
Tha mi a' dèanamh fiughair a bhith dhachaigh!
Tha ceud fadachd orm a bhith aig àm na Nollaig.
Bha mi a' dèanamh sogan mo dhinnear ithe, ach cha robh càil sa phreas.
Bha mi a' dèanamh fiughair ri d'fhaicinn.
Bha ceud fadachd air mo phàrantan a choinneachadh.


Cùmaibh Gàidhlig beartach. :)

Aucun commentaire:

Enregistrer un commentaire